Contra-danns Albannach

Contra Dannsa Albanaich

Is e a tha ann an contra-danns modh dannsaidh stèidhichte air "seata fada" 's a bhitheas sreath nam fir a' dannsadh an aghaidh (Laideann: contra) ri sreath na mnà. Taobh a-steach am pàtran seo, dannsaidh "cupalan" le chèile agus bithidh gach cupal (fear is boireann)a dannsadh ri na cupalaibh eile a tha a' gabhail pàirt 's an seata. Bithidh gach dannsa fa-leth dèanta a gluasadan sònraichte. Anns a' chuid bu mhòr de na dannsaichean, is e an cupal aig ceann na seata a dhannsas "turas" le na dannsairean eile mus a bith iad a' ruigsinn bun na seata agus tòiseachaidh an dannsa a-rithis le cupal ur gan treòrachadh. Thèid roinneadh eadar na dannsaichean a rèir an seòrsa ciùil as freagarrach dhaibh: Port Singilte (6/8), Ruidhil (4/4) agus Srath Spè (4/4).


© MMXXIII Rich X Search. We shall prevail. All rights reserved. Rich X Search